学位论文详细信息
Cràbhachd do Mhoire Òigh air a’ Ghàidhealtachd sna meadhan-aoisean anmoch, le aire shònraichte do Leabhar Deadhan Lios Mòir
PN Literature (General);BR Christianity;DA Great Britain
Innes, Sìm Roy ; Clancy, Thomas Owen
University:University of Glasgow
Department:School of Humanities
关键词: Leabhar Deadhan Lios Mòir, Book of the Dean of Lismore, Alba, Scotland, Èirinn, Ireland, bàrdachd Chrìosdail, Christian poetry, bàrdachd chlasaigeach, bardic poetry, creideamh, religion, cràbhachd, piety, meadhan-aoisean, medieval, a’ Ghàidhealtachd, Highlands, Gàidhlig, Gaelic, Ceiltis, Celtic, Eachdraidh, History;   
Others  :  http://theses.gla.ac.uk/2425/1/Innes.pdf
来源: University of Glasgow
PDF
【 摘 要 】
Bha Naomh Moire Òigh fìor chudromach ann an cràbhachd Eòrpach nam meadhan-aoisean anmoch. Tha e na amas aig an tràchdas seo faighinn a-mach a bheil an aon rud fìor airson Gàidhealtachd na h-Alba. Thathar a’ caoidh nach eil tùsan gu leòr ann a tha ceadachadh dhuinn mòran ionnsachadh mu chràbhachd nan Gàidheal aig an àm. Ach thèid cur air adhart an seo nach eil sin buileach ceart. Chithear gum faod sgrùdadh air ainmean, clachan-snaighte, clàraidhean eachdraidheil is eile a bhith torrach ma bhios sinn airson sealladh fhaighinn air cràbhachd do Mhoire.Ach thèid sealltainn cuideachd gur e sgrùdadh air litreachas an dòigh as fheàrr tuilleadh ionnsachadh mu chràbhachd do Mhoire. Chithear gum faod sgrùdadh mar sin ionnsachadh dhuinn mu chleachdaidhean cràbhaidh agus an dòigh a bhathar a’ tuigsinn àite na h-Òighe anns an diadhachd. ’S e a’ bhàrdachd chlasaigeach chràbhaidh a gheibhear anns an làmh-sgrìobhainn Leabhar Deadhan Lios Mòir (1512-1542) prìomh thùs an tràchdais seo.Thèid coimhead air nòsan na bàrdachd seo a bha ga dèanamh ann an Èirinn agus Alba agus thèid ceistean a thogail mu amasan, diadhachd agus tùsan nan dàn agus gu dè an ìre a tha iad a’ toirt dhuinn fianais airson creideamh a bha àraid do na Gàidheil. Gheibhear clàr agus sgrùdadh airson na bàrdachd chràbhaidh air fad a gheibhear ann an Leabhar an Deadhain. Tha còig dàin air Moire ann an Leabhar an Deadhain agus ’s iad sin: ‘Éistidh riomsa, a Mhuire mhór’, ‘Fuigheall beannacht brú Mhuire’, ‘Binn labhras leabhar Muire’, ‘Iomdha sgéal maith ar Mhuire’, agus ‘Ná léig mo mhealladh, a Mhuire’. Seallaidh sgrùdadh mionaideach air na còig dàin sin gun robh iomadh feart aig Moire do na Gàidheil, mar a bha air feadh na h-Eòrpa.
【 预 览 】
附件列表
Files Size Format View
Cràbhachd do Mhoire Òigh air a’ Ghàidhealtachd sna meadhan-aoisean anmoch, le aire shònraichte do Leabhar Deadhan Lios Mòir 22KB PDF download
  文献评价指标  
  下载次数:11次 浏览次数:16次