学位论文详细信息
An dàn fada Gàidhealach - 1900-1950: sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne
PB1501 Scottish Gaelic Language;PN0080 Criticism;PN0441 Literary History
Mac Leòid, Aonghas Uilleam Gearóid ; Byrne, Michel
University:University of Glasgow
Department:School of Humanities
关键词: Scottish Gaelic literature, long poems,critical theory, twentieth century literature, bàrdachd, litreachas, Gàidhlig;   
Others  :  http://theses.gla.ac.uk/6100/1/2014macle%C3%B2idphd.pdf
来源: University of Glasgow
PDF
【 摘 要 】

Tha an tràchdas seo a’ coimhead air buidheann de dhàin fhada a nochd aig toiseach an fhicheadaimh linn. Cha deach cus ùidh a shealltainn sna dàin seo bho sgrùdairean Gàidhealachadh sa chiad dol a-mach. Bho chrìoch an fhicheadamh linn, tha ùidh air nochdadh sna dàin seo a-rithist, gu h-àraidh An Cuilithionn, Aeòlus agus Balg agus Mochtàr is Dùghall. Ach ’s e an tràchdas seo a’ chiad sgrùdadh domhain air a’ bhuidheann seo de dhàin nan aonar. Gus an rannsachadh seo a dhèanamh thèid corpas a lorg am measg leabhraichean agus irisean bhon àm, agus na co-chruinneachaidhean a chaidh fhoillseachadh nas anmoiche. Thèid taghadh a dhèanamh a tha a’ riochdachadh prìomh fheartan nan dàn seo. Thèid rannsachadh a dhèanamh air cuid de dh’eisimpleirean bhon 18mh agus 19mh linn ann an Caibideil 2. Air sgàth ’s an uidhir de shurbhaidhean nas fharsainge a tha ri fhaotainn de litreachas na Gàidhlig, seallaidh an sgrùdadh sin air feartan sònraichte. Chìthear mar a chleachd bàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair cruth a’ chiùil mhòir gus gnè-sònraichte ùr de dhàin fhada a chur air bog ann an 1751. Ghabhar sùil mar an ceudna air Uilleam MacDhùn-Lèibhe air tàilibh a bhuaidh air Somhairle MacGill-Eain, agus gu robh amasan nàiseantach agus socio-cànanachais an Ìlich ri fhaicinn anns a’ mhòr-chuid de bhàird a’ chorpais cuideachd.Seallaidh Caibideil 3 air na bàird fhèin, gu h-àraidh na beachdan aca agus na ceanglaichean eatorra. Bha iad seo ri fhaicinn ann an saoghal litreachais agus poilitigs. ’S e prìomh amas na h-anailisean (Caibideilean 4-10) tuigse nas fheàrr fhaighinn an dà chuid air na dàin fhèin agus air ceistean teòiriceil a tha a’ buntainn ris a’ chorpas. ’S e an dàrna amas barrachd dhòighean-obrach teòiriceil a chleachdadh sa Ghàidhlig gus bruidhinn air litreachas na cànaine. Stèidhicheadh na h-anailisean air na feartan a bha ri fhaicinn anns gach dàn, a leithid iar-phlanntachais ann am Mochtàr is Dùghall, air neo air coimeasan a bha gus tuigse nas fheàrr a thoirt seachad air a’ chorpas shlàn. Bidh na h-anailisean seo a’ dearbhadh cuid de na ceanglaichean cudromach a th’ aig litreachas na Gàidhlig ri litreachasan Eòrpach eile, air uairean airson a’ chiad uair.Tha an co-dhùnadh a’ tilleadh do sealladh nas fharsainge air a’ chorpas. Chìthear gu bheil buidheann sònraichte de dhàin ri fhaicinn bhon chiad leth den fhicheadamh linn, dàin nach deach a sgrùdadh còmhla riamh. Tha na dàin seo ceangailte ann am meud, cuspairean, iomraidhean agus amasan nam bàrd. Leasachaidh tuigse nas fheàrr air na dàin seo an t-eòlas a th’ againn air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh sna bliadhnaichean nuair a bha na nua-bhàird a’ nochdadh an toiseach.

【 预 览 】
附件列表
Files Size Format View
An dàn fada Gàidhealach - 1900-1950: sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne 1443KB PDF download
  文献评价指标  
  下载次数:3次 浏览次数:3次